Back to results

University of Edinburgh

Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich

Abstract

dc:description.abstract

Thugadh sùil mhionaideach air cleachdadh susbaint le ochdnar cloinne da-chànanaich (aois 3 agus 4) bho dhiofar theaghlaichean stèidhichte ann am Barraigh agus Glaschu. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air dòigh a rinn pàrantan roghainnean a thaobh cànan na susbaint (eadar a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig) nuair a bha iad a’ taghadh susbaint dhan chuid cloinne. Rannsaicheadh mar a bha poileasaidh cànain nan teaghlaichean agus cleachdaidhean susbaint ag obrachadh còmhla. Chaidh leabhraichean-latha susbaint a lìonadh air cleachdaidhean susbaint na cloinne agus chaidh agallamhan a chumail le<br/>pàrantan. Tha an rannsachadh a’ sealltainn nach do chleachd a’ chlann uile susbaint Ghàidhlig uile gu lèir mar a dh’fhaodadh iad agus gun robh diofaran ann eatorra. Chaidh fada a bharrachd susbaint Bheurla na susbaint Ghàidhlig a chleachdadh am measg na cloinne air fad. Chuir cuid de theaghlaichean luach air susbaint mar ghoireas poileasaidh cànain agus iad ga cleachdadh airson cothroman cànain-a-steach sa Ghàidhlig adhbhrachadh agus bha cuid ann nach do chleachd susbaint Ghàidhlig sam bith. Thug iomadh factar buaidh air roghainnean susbaint agus tha na factaran sin air an sgrùdadh.<br/>Tha na diofaran a nochd ann an cleachdadh susbaint air an cnuasachadh ann an co-theacsa poileasaidh chànain theaghlaich. Cha robh poileasaidh cànain làidir a thaobh cleachdadh na Gàidhlig a-staigh daonnan a’ ciallachadh gun robh susbaint Ghàidhlig air a cleachdadh.<br/>Thugadh molaidhean seachad do luchd-poileasaidh cànain agus luchd-poileasaidh nam meadhanan Gàidhlig air leasachaidhean a dh’fhaoidte dèanamh gus cleachdadh susbaint Ghàidhlig a neartachadh.

Degree

thesis:*
Name dc:type.qualificationname
Doctor of Philosophy (awarded by OU/Aberdeen)
Level dc:type.qualificationlevel
Doctoral Thesis
Grantor dc:publisher.institution
University of Edinburgh
Year dc:date.issued
2018

Author and committee

dc:creator, dc:contributor.*
Author dc:creator
  • NicNèill, Catrìona Mòrag
Advisors dc:contributor.advisor
  • Armstrong, Timothy Currie
  • Munro, Gillian

Identifiers

dc:identifier.*
Identifier
oai:pure.atira.dk:studenttheses/d2f3096f-3bf2-41ba-8f26-3e9b5a4d15f3
OAI identifier oai:identifier
oai:pure.atira.dk:studenttheses/d2f3096f-3bf2-41ba-8f26-3e9b5a4d15f3

Chain of custody

source
Harvested from
University of the Highlands and Islands
Base URL
pureadmin.uhi.ac.uk/ws/oai
Last updated
2026-07-24
Source record
OAI-PMH GetRecord
related terms
citation

NicNèill, Catrìona Mòrag. Telebhisean mar ghoireas poileasaidh cànain: a chleachdadh aig cloinn dà-chànanaich. Doctoral Thesis thesis, University of Edinburgh, 2018. https://pure.uhi.ac.uk/en/studentTheses/d2f3096f-3bf2-41ba-8f26-3e9b5a4d15f3