University of the Highlands and Islands
Càite a bheil settings? Fèin-aithne agus ideòlasan cànain luchd-labhairt aig Cearcaill Chòmhraidh na Gàidhlig tro mheadhan cleachdaidhean na Beurla
Abstract
dc:description.abstractA' togail air toradh Lamb (2008: 47) gur e suidseadh-còd an àbhaist ann an còmhradh Gàidhlig,<br/>sgrùd an rannsachadh seo cleachdaidhean na Beurla am measg chom-pàirtichean Cearcaill<br/>Chòmhraidh air-loidhne. B' e prìomh cheist na h-obrach: ciamar a tha luchd-labhairt na Gàidhlig a' faireachdainn mu chleachdadh na Beurla ann an suidheachaidhean mì-fhoirmeil? Ged a tha cuid rannsachadh, gu h-àraid Bell et al. (2014), air treandaichean mòra ann am beachdan air cleachdadh na Beurla a shealltainn, b' e fòcas a' phròiseict seo diofaran eadar luchd-labhairt a lorg, gus faicinn ciamar a bheireadh iad buaidh air conaltradh. Gus beachdan a chur ris na cleachdaidhean a chlàradh, chuireadh toraidhean sgrùdadh nan Cearcall Còmhraidh ri beachdan a fhuaireadh à agallamhan le cuid chom-pàirtichean nan Cearcall. Chaidh na toraidhean gu lèir a sgaradh eadar teamannan mòra na fèin-aithne agus nan ideòlasan cànain. Fhuaireadh trì prìomh thoraidhean às an rannsachadh: gun robh frionas ann do luchd-labhairt eadar ùghdarras cainnt L1 agus faireachdainn gun cleachd tùsanaich "cus" Beurla; gun robh faireachdainn aig na compàirtichean gu bheil na h-àiteachan san tèid a' Ghàidhlig a chleachdadh ag atharrachadh, gu hàraid le fàs na Gàidhlig air-loidhne agus nas lugha de chleachdadh anns na coimhearsnachdan traidiseanta; agus gun robh cleachdadh na Beurla na chomharra do dh'fhrionasan agus do dh'atharrachaidhean ann an cleachdaidhean na Gàidhlig.
Degree
thesis:*- Name dc:type.qualificationname
- Master of Research (awarded by UHI)
- Level dc:type.qualificationlevel
- Master's Thesis
- Grantor dc:publisher.institution
- University of the Highlands and Islands
- Year dc:date.issued
- 2022
Author and committee
dc:creator, dc:contributor.*- Author dc:creator
-
- Flower, Isabelle Jennifer
- Advisors dc:contributor.advisor
-
- Armstrong, Timothy Currie
- NicLeòid, Marsaili
Rights
- Language dc:language
- eng
Identifiers
dc:identifier.*- Identifier
- oai:pure.atira.dk:studenttheses/a84110d5-26ab-414d-82f9-f5c299537e70
- OAI identifier oai:identifier
- oai:pure.atira.dk:studenttheses/a84110d5-26ab-414d-82f9-f5c299537e70