Back to results

University of Edinburgh

Stèidheachadh Ghnàthan-cànain Ùra Cuairteachadh Ideòlais-chànain ann an Trì Gaeltachtaí Nua

Abstract

dc:description.abstract

Chaidh trì Gaeltachtaí nua a sgrùdadh mar eisimpleirean de dhealbhadh-cànain ann am buidhnean beaga agus aig a' mhion-ìre: Coimhearsnachd Bhóthar Seoighe ann am Béal Feirste, Èirinn a Tuath, Scéim Chónaithe Choláiste na Tríonóide ann am Baile Átha Cliath, Poblach na h-Èireann agus Sgìre Charn Tóchair ann an Contae Dhoire a Deas, Èirinn a Tuath. Bhiodh na trì coimhearsnachdan seo coltach ri chèile anns an t-seagh gum biodh iad uile ag iomairt gus làraichean còmhnaidheach a stèidheachadh far an rachadh cleachdadh Gàidhlig na h-Èireann na ghnàths gu ìre no eile. Chaidh gnìomh an<br/>ideòlais-chànain a mheasadh anns na Gaeltachtaí nua, agus gu sònraichte, sgrùdadh mar a chaidh gnàthan-cànain Ghàidhlig a stèidheachadh agus a dhìon anns na coimhearsnachdan. An toiseach, rinneadh rannsachadh air ideòlas-cànain coiteanta a nochd anns na pàipearan-naidheachd ann am Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath gus seòrsachadh a thrusadh de dh'ideòlasan cumanta ann an Èirinn, agus mar sin, gus dealbh a tharraing dhen àrainneachd ideòlaich far am biodh na Gaeltachtaí nua suidhichte. An uair sin, chaidh gach coimhearsnachd a sgrùdadh fa leth, le sùil air a' cheangal eadar structar nan coimhearsnachdan agus gnìomh an ideòlais nam broinn.<br/>Mu dheireadh, rinneadh triantanachadh dhe na toraidhean bho na trì làraicheanrannsachaidh eadar-dhealaichte gus ginearalachadh mu ghnìomh an ideòlais-chànain ann am buidhnean beaga, agus mheòraicheadh air cuid dhe na teamaichean coitcheann a chaidh a lorg. Gu sònraichte, shealladh mar a chuir am miann air nàdarrachd ann an labhairt bacadh air èifeachd stèidheachadh nan gnàthan-cànain Ghàidhlig ùra anns na Gaeltachtaí nua agus thaisbeineadh molaidhean dèantach a thaobh ath-leasachaidhcànain<br/>aig a' mhion-ìre a dh'èirich às an rannsachadh.

Degree

thesis:*
Name dc:type.qualificationname
Doctor of Philosophy (awarded by OU/Aberdeen)
Level dc:type.qualificationlevel
Doctoral Thesis
Grantor dc:publisher.institution
University of Edinburgh
Year dc:date.issued
2009

Author and committee

dc:creator, dc:contributor.*
Author dc:creator
  • Armstrong, Timothy Currie
Advisors dc:contributor.advisor
  • Mac an Taillier, Iain
  • Walsh, J.

Rights

Language dc:language
eng

Identifiers

dc:identifier.*
Identifier
oai:pure.atira.dk:studenttheses/6e65c8cc-0ea2-4d13-a475-9f13aa7a353f
OAI identifier oai:identifier
oai:pure.atira.dk:studenttheses/6e65c8cc-0ea2-4d13-a475-9f13aa7a353f

Chain of custody

source
Harvested from
University of the Highlands and Islands
Base URL
pureadmin.uhi.ac.uk/ws/oai
Last updated
2026-07-24
Source record
OAI-PMH GetRecord
related terms
citation

Armstrong, Timothy Currie. Stèidheachadh Ghnàthan-cànain Ùra Cuairteachadh Ideòlais-chànain ann an Trì Gaeltachtaí Nua. Doctoral Thesis thesis, University of Edinburgh, 2009. https://pure.uhi.ac.uk/en/studentTheses/6e65c8cc-0ea2-4d13-a475-9f13aa7a353f