University of Edinburgh
Cànain agus Cultar ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: Neartan, Duilgheadasan agus am Buaidh air Comasan is Seasamhan Cànain na h-Òigridh
Abstract
dc:description.abstractChaidh sùil mhionaideach a thoirt air a' cheangal eadar cànain agus cultar ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG), a rèir dàta a thogadh ann an naoi diofar sgoiltean ann an sgìrean eadar-dhealaichte ann an Alba, le fòcas sònraichte air neartan agus duilgheadasan a thaobh fios a-steach do chlann ann am FMG, agus mar a dh'fhaodas buaidh a bhith aig sin air comasan agus seasamhan cànanach nan sgoilearan. Chumadh agallamhan leth-structarail ri 80 sgoilear (eadar BS 5 agus AS 2), 32 phàrant agus 16 luchd-teagaisg.<br/>Tro sgrùdadh nan agallamhan rinneadh measadh air comasan cànain na cloinne, air am misneachd a thaobh na Gàidhlig, an cuid sheasamhan mu choinneimh na cànain agus air an tuigse air eachdraidh agus cultar na Gàidhlig. Chaidh ceist eile a chumail ann am fòcas ceangailte ris gach puing, agus b' i cò às a thàinig am fiosrachadh a bh' aig a' chloinn: dè an seòrsa fios a-steach a fhuair iad tro FhMG agus dè thàinig bhon dachaigh fhèin. Dh'obraicheadh a-mach na ceanglaichean eadar am fios a-steach sin agus am fios a-mach a fhuaireadh, .i. eòlas na cloinne air na cuspairean ainmichte. Chuireadh beachdan nan agallaichean (gu lèir) air FMG ris an fhiosrachadh sin gus measadh farsaing a dhèanamh air an t-siostam foghlaim sin. Stèidhichte air toraidhean an sgrùdaidh, nochdadh molaidhean airson leasachadh FMG san àm ri teachd, gu h-àraidh a thaobh fios a-steach agus àrainneachd ionnsachaidh na cloinne agus a thaobh an ceangal eadar cànain agus cultar a shìor neartachadh san teagasg.
Degree
thesis:*- Name dc:type.qualificationname
- Doctor of Philosophy (awarded by OU/Aberdeen)
- Level dc:type.qualificationlevel
- Doctoral Thesis
- Grantor dc:publisher.institution
- University of Edinburgh
- Year dc:date.issued
- 2014
Author and committee
dc:creator, dc:contributor.*- Author dc:creator
-
- NicLeòid, Sileas
- Advisors dc:contributor.advisor
-
- Mac an Tàilleir, Iain
- Cox, Richard A.V.
Subjects
dc:subject × 6Rights
- Language dc:language
- eng
Identifiers
dc:identifier.*- Identifier
- oai:pure.atira.dk:studenttheses/57cc1720-01bd-465f-910e-f1e925091cd3
- OAI identifier oai:identifier
- oai:pure.atira.dk:studenttheses/57cc1720-01bd-465f-910e-f1e925091cd3