Back to results

University of Edinburgh

Heather and hill and Highland cattle: ath-mheasadh air ìomhaighean den Ghàidhealtachd, c.1850 – 1910

Abstract

dc:description.abstract

Tron dàrna leth den naoidheamh linn deug, tharraing cruth-tìre na Gàidhealtachd ceudan de luchd-ealain. Gu tric, dhealbhaich iad an roinn mar àite sìtheil bòidheach anns an d’fhuaras co-luadair ‘fa leth’ stèidhichte traidiseanta. Dh’ùisnich peantairean grunn de dh’fhoirmlean ann a bhith a’ dèanamh seo. Ro mheadhan na ficheadamh linn, chaidh na foirmlean seo aithneachadh leis na breithnichean-ealain mar ‘an gnàth-nòs Gàidhealach’.<br/>Chaidh a chumail a-mach leotha gun robh an gnàth-nòs ath-aithriseach ro-mhaothinntinneach, agus nach do riochdaich e atharrachaidhean na naoidheamh linn deug air a’ Ghàidhealtachd. Tha an tràchdas seo ag ùisneachadh teòraidhean nan saidheansan sòisealta gus athmheasadh<br/>a dhèanamh air ìomhaighean na trèimhse. Tha e a’ tagradh gun robh dà<br/>shnàithlean aig na dealbhan-tìre den Ghàidhealtachd. B’ e ‘a’ Ghàidhealtachd mar shealladh’ a bh’ anns an dàrna fear agus thaisbean e mì-thuigse air co-luadair na roinne. Chaidh a leasachadh tro phròiseas cuartachail agus bha àite aige ann a bhith a’ daingneachadh gnàth-nòs air an do chuir uachdarain na Gàidhealtachd tùs. B’ e ‘a’ Ghàidhealtachd mar dhualchas’ a bh’ anns an t-snàithlean eile. Dh’èirich i a-mach à traidisean peantaidh na h-Alba agus rannsaich i an dàimh eadar na Gàidheil, an àrainneachd nàdarrach agus tìm. B’ e fìor aomadh-ealain a bh’ innte: tha àite cudromach aice ann an eachdraidh-ealain na Gàidhealtachd, agus lorgar i cuideachd ann an eachdraidh-ealain Eòrpaich nas fharsainge. Tha an t-ath-mheasadh a’ sònrachadh cuideam sòisealta ‘na Gàidhealtachd mar shealladh’: ma leughar an snàithlean gu faiceallach, cuiridh e ri tuigse air an dàimh eadar na daoine mòra agus na Gàidheil tro bhreisleach na naoidheamh linn deug. Tha an gnàth-nòs air a<br/>chùlaibh a’ dèanamh cron air dearbh-aithne nan Gàidheal, ge-tà. Ann am peantadh, chaidh cumhachd a’ ghnàth-nòis sin a bhriseadh leis ‘a’ Ghàidhealtachd mar dhualchas’. ’S ann tron dòigh-fhradhairc seo a bu chòir traidiseanan lèirsinneach na Gàidhealtachd a thaisbeanadh san latha an-diugh.

Degree

thesis:*
Name dc:type.qualificationname
Doctor of Philosophy (awarded by OU/Aberdeen)
Level dc:type.qualificationlevel
Doctoral Thesis
Grantor dc:publisher.institution
University of Edinburgh
Year dc:date.issued
2016

Author and committee

dc:creator, dc:contributor.*
Author dc:creator
  • MacDougall, Eleanor Barbara
Advisor dc:contributor.advisor
  • MacDonald, Murdo

Rights

Language dc:language
eng

Identifiers

dc:identifier.*
Identifier
oai:pure.atira.dk:studenttheses/d6825a46-6381-4920-9274-1fcc206c6397
OAI identifier oai:identifier
oai:pure.atira.dk:studenttheses/d6825a46-6381-4920-9274-1fcc206c6397

Chain of custody

source
Harvested from
University of the Highlands and Islands
Base URL
pureadmin.uhi.ac.uk/ws/oai
Last updated
2026-07-24
Source record
OAI-PMH GetRecord
related terms
citation

MacDougall, Eleanor Barbara. Heather and hill and Highland cattle: ath-mheasadh air ìomhaighean den Ghàidhealtachd, c.1850 – 1910. Doctoral Thesis thesis, University of Edinburgh, 2016. https://pure.uhi.ac.uk/en/studentTheses/d6825a46-6381-4920-9274-1fcc206c6397